Job Description Tiotal na h-obrach: Neach-obrach taice (Tràth-bhliadhnaichean is Cùram-chloinne) Àite: Bun-sgoil Gheàrrloch Uairean: 30 uairean a thìde san t-seachdain Faid: Ùine Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027 Tuarastal: £18,364 – £18,876 sa bhliadhna Mar as trice cuirear luchd-obrach air a’ chiad phuing air an sgèile. Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean. Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an Tràth-bhliadhnaichean agus Cùram-chloinne, thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/ Airson stiùireadh agus fios mu dhreuchdan le Comhairle na Gàidhealtachd, briogaibh an seo . Neach-conaltraidh: Strav McDonagh Post-d: strav.mcdonagh@highland.gov.uk Adhbhar na h-Obrach: A bhith ag obair mar bhall èifeachdach den sgioba cùram-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard-sgoile ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon de ghnìomhachdan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a tha a’ coileanadh feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Feumar an obair a dhèanamh a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus còdan-cleachdaidh Comhairle na Gàidhealtachd. DÈANAIBH TAGRADH air-loidhne. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gum bi iomadachd a’ brosnachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus mu bhith cothromach agus in-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraichean bhon a h-uile cùl-raon, a tha riochdachail de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh thagraidhean bho thagraichean a tha dualtach a bhith fo-riochdaichte san fheachd-obrach againn. Mar bhuidheann a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ gealltainn gun toir sinn agallamh do gach tagraiche air a bheil ciorram a tha a’ coileanadh nam bun-slatan-tomhais airson na dreuchd. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte. Mar as trice, thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta tro phost-d, mura h-eilear ag ràdh an caochladh. Thoiribh sùil air a’ phost-d agaibh gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach sa pasgan sgudail/spama. Requirements Tha e na riatanas gum feum a h-uile neach-obrach a tha ag obair ann an seirbheisean tràth-bhliadhnaichean clàradh le SSSC agus trèanadh barantaichte a dhèanamh. ’S e poileasaidh na Comhairle gun aontaich a h-uile neach-obrach a tha ag obair leis a’ Chomhairle an trèanadh sin a dhèanamh an ceann ùine. Tha an dreuchd seo air a mheas mar dhreuchd riaghlaichte. Mar sin, dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis a rèir do nàiseantachd agus eachdraidh còmhnaidh bho chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an sgrùdadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coileanadh an dà shlat-tomhais a leanas: Feumaidh sibh a bhith nur nàiseantach den Rìoghachd Aonaichte no tè de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, na Tìrean Ìsle, Portagail, Romàinia, an Ungair, a’ Ghrèig, an Fhraing, Èirinn, an Eadailt, an Spàinn, no a’ Phòlainn. Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no na dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson ùine trì mìosan no barrachd, nuair a bha sibh 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh’fhalbh. Thoiribh an aire gur ann oirbhse a tha an dleastanas Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis fhaighinn, agus gum feum sibh cosgaisean sam bith co-cheangailte ri seo a phàigheadh.41bf1e1f-b16b-4260-a40a-17c77a06fd15…
