Support Worker (Early Learning & Childcare) (30 hpw) (Fixed Term Until 1 July 2027), Gairloch Pri…

Company: Highland Council
Apply for the Support Worker (Early Learning & Childcare) (30 hpw) (Fixed Term Until 1 July 2027), Gairloch Pri…
Location: Auchtercairn
Job Description:

Job Description

Job Description

Tiotal na h-obrach: Neach-obrach taice (Tràth-bhliadhnaichean is Cùram-chloinne)Àite: Bun-sgoil GheàrrlochUairean: 30 uairean a thìde san t-seachdain Faid: Ùine Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027Tuarastal: £18,364 – £18,876 sa bhliadhna

Make sure to apply quickly in order to maximise your chances of being considered for an interview Read the complete job description below.

Mar as trice cuirear luchd-obrach air a’ chiad phuing air an sgèile.

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an Tràth-bhliadhnaichean agus Cùram-chloinne, thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/

Airson stiùireadh agus fios mu dhreuchdan le Comhairle na Gàidhealtachd, briogaibh an seo.

Neach-conaltraidh: Strav McDonagh Post-d:

Adhbhar na h-Obrach: A bhith ag obair mar bhall èifeachdach den sgioba cùram-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard-sgoile ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon de ghnìomhachdan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a tha a’ coileanadh feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Feumar an obair a dhèanamh a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus còdan-cleachdaidh Comhairle na Gàidhealtachd.

DÈANAIBH TAGRADH air-loidhne.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gum bi iomadachd a’ brosnachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus mu bhith cothromach agus in-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraichean bhon a h-uile cùl-raon, a tha riochdachail de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh thagraidhean bho thagraichean a tha dualtach a bhith fo-riochdaichte san fheachd-obrach againn.

Mar bhuidheann a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ gealltainn gun toir sinn agallamh do gach tagraiche air a bheil ciorram a tha a’ coileanadh nam bun-slatan-tomhais airson na dreuchd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice, thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta tro phost-d, mura h-eilear ag ràdh an caochladh. Thoiribh sùil air a’ phost-d agaibh gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach sa pasgan sgudail/spama.

Requirements

Tha e na riatanas gum feum a h-uile neach-obrach a tha ag obair ann an seirbheisean tràth-bhliadhnaichean clàradh le SSSC agus trèanadh barantaichte a dhèanamh. ’S e poileasaidh na Comhairle gun aontaich a h-uile neach-obrach a tha ag obair leis a’ Chomhairle an trèanadh sin a dhèanamh an ceann ùine.

***************

Tha an dreuchd seo air a mheas mar dhreuchd riaghlaichte. Mar sin, dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis a rèir do nàiseantachd agus eachdraidh còmhnaidh bho chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an sgrùdadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coileanadh an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseantach den Rìoghachd Aonaichte no tè de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, na Tìrean Ìsle, Portagail, Romàinia, an Ungair, a’ Ghrèig, an Fhraing, Èirinn, an Eadailt, an Spàinn, no a’ Phòlainn.

Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no na dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson ùine trì mìosan no barrachd, nuair a bha sibh 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh’fhalbh. xwzovoh

Thoiribh an aire gur ann oirbhse a tha an dleastanas Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis fhaighinn, agus gum feum sibh cosgaisean sam bith co-cheangailte ri seo a phàigheadh.

Posted: April 5th, 2026